Jump to content

Humza Yousaf

O Uicipeid
Humza Yousaf
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Glaschu
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Ministear airson Leasachadh Eadar-nàiseanta ’s na Roinn Eòrpa

6 dhen t-Sultain 2012 - 18 dhen Chèitean 2016 - Alasdair Allan
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Glaschu Pollaig
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Minister for Transport and the Islands (en) Translate

18 dhen Chèitean 2016 - 26 dhen Ògmhios 2018
Derek Mackay - Paul Wheelhouse
Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartais

26 dhen Ògmhios 2018 - 20 dhen Chèitean 2021
Mìcheil MacMhathain - Keith Brown
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: Glaschu Pollaig
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Cabinet Secretary for Health and Social Care (en) Translate

18 dhen Chèitean 2021 - 28 dhen Mhàrt 2023
6. Prìomh-mhinistear na h-Alba

29 dhen Mhàrt 2023 - 7 dhen Chèitean 2024
Nicola Sturgeon - Iain MacShuibhne
Beatha
Ainm slàn Humza Haroon Yousaf
Breith Glaschu, 7 dhen Ghiblean 1985
Dùthaich  Alba
Teaghlach
Cèile Nadia El-Nakla (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Sgoil-ghràmair MhicÙistein
Cànain Beurla
Urdu
Punjabi
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Creideamh Ioslam
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
humzayousaf.scot

'S e neach-poileataigs à Alba agus a' chiad phrìomh-mhinistear Muslamach a tha ann an Humza Yousaf BPA.

Rugadh e ann an Glaschu ann an 1985. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e poileataigs. Dh'obair e mar chuidiche pàrlamaideach mus deach e thaghadh mar BhPA airson Glaschu air an liosta Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 2011. An dèidh sin dh'fhrithealaich e air na comataidhean airson ceartais agus sgrùdaidh phoblach gu 2012. Chaidh e na BhPA airson Glaschu Pollaig ann an 2016 agus na Mhinistear airson Còmhdhalach agus nan Eilean an dèidh don taghadh. An dèidh sin bha e na Rùnaire airson Ceartais. Bha e na Rùnaire airson Slàinte eadar an taghadh ann an 2021 is nuair a bhuannaich e ceannardas a' phàrtaidh ann an 2023.[1]

Chaidh e na cheannard SNP agus na phrìomh-mhinistear na h-Alba sa' Mhàirt 2023. Cha do ghabh Ceit Fhoirbeis, a bha anns an dàrna àite an dèidh do Mhgr Yousaf ann an taghadh ceannardais, dreuchd mar rùnaire nan cùisean dùthchail is thill i gu na beingean-cùil. Chaidh Seòna Robasdan na leas-phrìomh-mhinistear.[2]

Rinn e cùmhnant còmhla ri COSLA, Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, mu dhèidhinn sìneadais agus co-obrachaidh air bochdainn, Net Zero agus seirbheisean poblach anns an Ògmhios 2023.[3]. Seo am Verity House Agreement.[4]

Bhris e an Cùmhnant Taigh Bhòid còmhla ris na h-Uainich 25 an Giblean 2024 an dèidh do chùl a chur air targaidean gnàth-shìde agus bi bhòt cion-earbsa aig Taigh an Ròid an ath-sheachdain.[5] 29 an Giblean 2024 thuirt e gun leig e a dhreuchd shuas nuair a thaghadh an SNP ceannard ùr.[6]

Lean Iain MacShuibhne mar phrìomh-mhinistear anns a' Chèitean 2024 e.[7]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Humza Yousaf”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
  2. Caibineat ùr air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023. 
  3. Patterson, Kirsteen: “Cosla president hails new deal for Scottish councils as Yousaf signs Verity House Agreement”, Holyrood. 30mh dhen Ògmhios 2023. Air a thogail 30mh dhen Ògmhios 2023. 
  4. New Deal with Local Government – Verity House Agreement”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen Ògmhios 2023.
  5. Co-bhanntachd an SNP leis na h-Uainich seachad”, Naidheachdan a' BhBC. 25mh dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2024. 
  6. Humza Yousaf a' fàgail a dhreuchd”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2024. 
  7. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 9mh dhen Chèitean 2024.