Jump to content

Einsteinium

O Uicipeid


Einsteinium
Einsteinium.
Tha an gleansadh a' dol bhon seargadh de einsteinium-253.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Es
Àireamh 99
Ùine 7
Bloca f
Seòrsa Actanach
Buadhan stuthach
Dath Airgead-liath
Teothachd leaghaidh 1133 K ​(860 °C, ​1580 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (252) neo-sheasmhach
Comh-dhealbhadh atamach [Rn] 5f11 7s2
Cor ogsaideachaidh +2, +3, +4
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 619

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an einsteinium le samhla Es agus àireamh atamach 99. 'S e actanach agus meatailt rèidio-bheò bog agus dlùth a tha ann. Tha an aidheon +3 as cudromaiche sa' cheimigeachd de einsteinium ach tha an cor ogsaideachaidh II ann cuideachd.

Rinneadh caractarachd ri 19 iosatòpaichean de einsteinium. Tha 252Es, le leth-bheatha 471.7 laithean, as seasmhaiche.

Ann an 1952 lorg an sgioba Albert Ghiorso dà eileamaid ùr, einsteinium agus fermium, ann an sileadh niùclasach bho a' chiad dheuchainn boma haidridein. Chruinnicheadh an sileadh seo le pàipear-sìolaidh air itealain a bha ag itealaich tron neul spreadaidh. B' e einsteinium-253 le leth-bheatha 20.5 laithean a bha ann. Dh'ainmicheadh iad e air Albert Einstein.

Tha einsteinium fuadain agus glè thearc, mar sin chan eil cleachdaidhean ann air a shon.