Bàrr a' Ghrianain
Bàrr a' Ghrianain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 02′ 60″ Tuath 04° 34′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag na Coimhearsnachd |
‘S e baile beag dùthchasail ann an ceann a tuath na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Bàrr a' Ghrianain (Beurla/Beurla Ghallda: Bargrennan). Tha e suidhichte aig 62m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A714 eadar Inbhir Gharbhain agus Baile Ùr nan Stiùbhartach, aig Inbhir na h-Aibhnichean Crìoch agus Dubh.[2] Tha e 274km air falbh bho Obar Dheathain, 279km bho Ghlaschu, 49km bho Chille Chuithbeirt agus 133km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bàrr a' Ghrianain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann, a thathar an dùil a dhùnadh,[4] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.[5]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à bàrr agus grianan anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[7] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite bàrr- ann an ceann a deas na dùthcha.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Bàrr a' Ghrianain a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1550 ach tha iomadh tobhta ann bho Linn an Iarainn.[8] Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1839 ach chaidh a dunadh ann an 2009.[9] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 34 duine à Bàrr a' Ghrianain bàs sa Chogadh Mhòr[10] agus aon duine dheug eile san Dàrna Chogadh.
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Bàrr a' Ghrianain, a ghabhas a-steach Baile Ùr nan Stiùbhartach, Muine Gobha, Gleann an t-Sruthail, Poll an Iùbhair agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Falling Rain
- ↑ Galloway Fisheries Trust
- ↑ Luftlinie
- ↑ BBC
- ↑ Douglas Ewart High School[dead link]
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ NCL[dead link]
- ↑ Scottish Churches
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ A' Chomhairle
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm