Jump to content

Beeswing

O Uicipeid
Beeswing

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 00′ 25″ Tuath
03 43′ 38 ″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An Abaid Ùr, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Beeswing (Taobh an Locha o shean).[1] Tha e suidhichte aig 98m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Dùn Phrìs, ri taobh Loch Artair. Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 98km bho Ghlaschu, 14km bho Dhùn Phrìs agus 111km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. [3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Beeswing. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha coimhearsnachd sònraichte ann[4] a bhios a' dèanamh caise, fo stiùireadh na Camphill Village Trust,[5] gus daoine sònraichte a chuideachadh. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bun sgoil ann an Cill Fhinnein[6] agus dhan àrd sgoil ann an Dail Bheithe.

Tha tobhtaichean chrannaig neo dhà sa loch[7] agus chithear curach san taigh-tasgaidh ann an Dùn Phrìs, a chaidh a' lorg an seo sna 30an. Tha beul-aithris ag innse dhuinn gur ann Loch Artair a thachair tachartasan co-cheangailte ri Ban-tighearna an Locha sna Sgeulachdan mu dheidhinn an Righ Artair.[8] Bha Seann Chuimris[9] ga bruidhinn sa sgìre o shean agus tha ainm an Righ Artair air an loch, ach cha mhi na h-eachdraichean idir a' dearbhadh na sgeòil sin. B' e Taobh an Locha (Beurla Ghallda: Lochend) an t-ainm a bha air Beeswing gu ruige an 19mh Linne. Cheannaich Robert Orde an taigh-òsda,[10] air an robh Lochend Inn.[11] Dh'atharraich e ainm gu Beeswing Inn, mar chuimhne air deagh eich rèisidh a bhuannaich an Ascot Gold Cup ann an 1842,[12] agus mean air mhean thugadh ainm an taigh-osda dhan bhaile. A dh'aindeoin sin, s' e Lochend a bha air an eaglais gus an latha an-diugh. Chaidh eaglais a thogail ann seo ann an 1868[13] a bhuineadh dhan Eaglaise Shaoir aig an toiseach, ach dh'aontaich e ri Eaglais na h-Alba ann an 1929. Tha e dùinte a-nis.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Scottish Places
  2. Falling Rain
  3. Distance Calculator
  4. Loch Arthur Community
  5. Camphill Village Trust
  6. A’ Chomhairle
  7. Canmore
  8. King Arthur
  9. Wilson, P. A. (1966) ‘On the Use of the Terms “Strathclyde” and “Cumbria” in Trans. CWAAS. 66. duileagan. 67–92
  10. Scottish palces
  11. Kirkcudbright
  12. Ahnert, Rainer L. (deasaiche), “Thoroughbred Breeding of the World”, Pozdun Publishing, A' Ghearmailt, 1970
  13. Scottish Churches