Jump to content

Achadh nan Càrn

O Uicipeid
Achadh nan Càrn
Ainm Beurla: Auchencairn

Map
54°50′31″N 3°52′19″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Chille Chuithbeirt
Paraiste Rerrick
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar
Sgìre Phàrlamaid na RA Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh
Ainm
Roimhearach ann an Achadh nan Càrn
Ginideach muinntir Achadh nan Càrn
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 425 (2011)
Àireamh fòn 01556
Còd-puist DG7 1
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Cille Chuithbeirt air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Achadh nan Càrn[1]. Tha e suidhichte aig 18m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Dùn Droighnein agus Palnackie, aig inbhir an uillt Achadh nan Càrn, far a shruthas e dhan Bhàgh Achadh nan Càrn, san Linne Shalmhaigh.[3] Tha e 33km air falbh bho Dhùn Phris, 113km bho Glaschu, 74km bhon An t-Sròn Reamhar agus 131km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha dìreach 425 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Achadh nan Càrn, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[5] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd.

Tha tobhtaichean ann san sgìre seo bho Mheadhan-linn na Cloiche ach cha do chlàradh am baile ach ann an 1305, nuair a nochd an t-ainm Aghencarne mar bhaideigin a bhuineadh dhan abaid Dhùin Droighnein, ann am bann sgrìobhte a rinn Èideard I Shasainn. Cha do dh'fhàs am baile gus a thogadh muileann-mine san sgìre aig toiseach na 17mh Linne. Chaidh eaglais a stèidheachadh an seo ann an 1856.[6] Bha cùiltearachd gu math cumanta san dàrna leth na 17mh Linne agus 's e Smugglers' Inn a tha air taigh-seinnse a' bhaile gus ar làithean.[7] Bha bòcain a' tathaich a' bhaile fad iomadach mhìos ann an 1695.[8] S' e fear air an robh Anndra MacAoidh a bh' ann prìomh ìobairteach a' bhòcain.

Ri Fhaicinn

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Plana Gàidhlig Chomhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh 2022-2027 (gd), td. 6. Air a thogail 28mh dhen Fhaoilleach 2026.
  2. Meteo Consult
  3. Solway Coast
  4. A' Chomhairle
  5. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  6. Scottish Document
  7. Smugglers' Inn
  8. [Seafield, Lily (2001). Scottish Ghosts. Pelican Publishing Company. ISBN 1-56554-843-4]