Jump to content

Dùn Droighnein

O Uicipeid
Dùn Droighnein

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 49' 37" Tuath
3° 57' 42" Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 202 (2011)
Àireamh fòn 01557
Duilleag oifigeil []

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Chille Chuithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dùn Droighnein. Tha e suidhichte aig 114m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), faisg air Achadh nan Càrn, air an Rubha Dhùin Droighnein, ri taobh Allt na h-Abaide. Tha e 38km air falbh bho Dhùn Phrìs, 115km bho Glaschu, 70km bhon An t-Sròn Reamhar agus 135km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 202 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Chuithbeirt, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à draiglmeanan anns a' Ghàidhlig o shean a tha an t-ainm.[5] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6]

Chaidh Abaid a stèidheadh an seo ann an 1142 leis an Righ Daibhidh I na h-Alba airson na Manaich Cistearnach[7] (Laideann: Ordo Cisterciensis), a chaidh a dhùnadh ann an 1606. Chaidh am baile fhèin a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1290 mar Dundraynane.[8] Chuir Màiri I, Ban-rìgh na h-Alba seachad oidhche mu dheireadh ann an Alba, an dèidh a' Bhlàir Langside, an seo.[9] Bho 2001 tha am Fèis Chiùil Wickerman air a bhith a chumail an seo san Iuchar[10] air tuathanas air a bheil East Kirkcarswell. Tha rainse rocaidean connspaideach air a bhith ann bho 1942.[11]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Wunderground
  2. Distance Calculator
  3. Scotland Topograph[dead link]
  4. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  5. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  7. New Advent
  8. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Bain, Joseph, Calendar of Scottish Papers 1563 - 1569, Dùn Èideann, 1900
  10. Wickerman Festival
  11. Secret Scotland