Palnackie
Poll an Achaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 53′ 38" Tuath 3° 50′ 27" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 148 (2011) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Palnackie aig Discover Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Caisteal Dhùghlais air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Poll an Achaidh. Tha e suidhichte aig 8m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Achadh nan Càrn agus Dail Bheithe, ri taobh na h-aibhne Uisge Urr. Tha e 27 km air falbh bho Dhùn Phrìs, 109 km bho Glaschu, 77 km bhon An t-Sròn Reamhar agus 125 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 148 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Poll an Achaidh, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil am baile idir cho cudromach do mhalairt neo iasgach an latha an-diugh, bha e na bu treasa taobh ghnìomhachas sna linntean a dh’ dh’ fhalbh oir bha port a’ pharraist suidhichte an seo leis nach robh an t-Uisge Urr glè dhomhainn. Chuireadh stad air an gnothaich seo mu 1965.[5] Gu ruige 2014 bhathar a' cumail Farpais Eadar-nàiseanta Saltraich na Leòbaige[6] an seo gach bliadhna ach sguireadh an fharpais o chionns cho cosgail 's a bha an t-àrachas.
Ri Fhaicinn
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Meteo Consult
- ↑ Distance Calculator
- ↑ EVI
- ↑ Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
- ↑ History of Dalbeattie[dead link]
- ↑ The Scotsman
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm