Jump to content

Dail Beithich

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dail Bheithe)
Dail Beithich

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 55′ 55″ Tuath
3° 49′ 19″ Iar
Comharradh-clèithe NX833613
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 4,289 (2011)
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann an Dail Bheithe neo Dail Beithich[1] (Beurla: Dalbeattie). Tha e suidhichte ann an gleann air bruach Urr Water mu 6 cilemeatair (4 mìltean) ear air Caisteal Dhùghlais agus mu 19 cilemeatair (12 mìltean) iar-dheas air Dùn Phris. Ann an 2011 bha 4,289 duine a' fuireach an seo.[2] Bha a' chiad tuineachadh an seo ann an 1658, ach chaidh am baile a thogail ann an 1781. Bha gnìomhachas clachan ghràineil gu math cudromach airson a' bhaile, anns na 1810an bha mòran daoine a dh'imrich gu Dail Beithich airson obair fhaighinn anns na cuaraidhean. An diugh tha an cuid as motha de na daoine ag obair ann an Dùn Phris.

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1469 mar Dalbaty.[1] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr[3] agus seachd duine thar fhichead eile san Dàrna Cogadh. Bha Faisisteachas[4] uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an 1934, far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.[5]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Dalbeattie”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2019.
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. Scottish War Memorials Project
  4. Livingston, Alistair (28mh dhen Fhaoilleach 2014): “The Cradle of Fascism in Scotland”. Radical Independence Dumfries & Galloway. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2019.
  5. Wood, Ian S. (28mh dhen Ògmhios 2013): “Here comes Hitler,” ann an: Scottish Review of Books. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2019.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]