Porto-Novo

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Porto Novo
Marche ouando porto-novo.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Benin.svg Benin
Sgìre Ouémé
Co-chomharran 06° 29 50' Tuath
02° 36 18' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 110 km²
Àireamh-shluaigh 223,552 (2002)
Dlùths 2,032.29/km²

'S e prìomh-bhaile Bheinin a tha ann an Porto-Novo, ainm eile: Hogbonou neo Adjacé. Tha e suidhichte ann an ear-dheas na dùthcha aig an Gulf of Guinea, aig 40m os cionn ìre na mara.[1] Mar sin dheth tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 28' Tuath agus 2° 36' Ear. [2] Tha Porto Novo 25km air falbh bho Chontonou, 131km bho Lomé (Togo), 614km bho Abuja (Nìgeiria), 784km bho Niamey (Niger) agus 796km bho Ouagadougou (Burkina Faso).[3]

'S e an dàrna bhaile as motha a tha ann am Beinin. 'S e Cotonou am baile as motha agus as cudthromaiche a tha ann, o choinn's gu bheil an riaghaltas an sin. Canar gun deach Porto-Novo a stèidheachadh anns an 16mh linn leis an rìgh Te-Agdanlin à Allada. Thàinig ainm a' bhaile às a' chànan Portagailis, tha e a’ ciallachadh “port ùr”. Chaidh Porto-Novo a chleachdadh mar àite-malairt le tràillean.

Àitichean inntinneach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Porto Novo Museum of Ethnography, Taigh tasgaidh dualchas le mòran fiosrachaidh mu eachdraidh a’ bhaile agus eachdraidh Bheinin.
  • Luchairt King Toffa, 's e taigh-tasgaidh a tha ann an-diugh, a’ sealltainn dòigh-bheatha nan rìghrean Afraganach.
  • Jardin Place Jean Bayol àite le clach-chuimhne den ciad rìgh Porto-Novo.
  • Da Silva Museum, taigh tasgaidh a tha a’ sealltainn eachdraidh Bheinin agus dòigh-bheatha nan Afro-Brazilians, a thàinig air ais gu Porto-Novo.
  • Palais de Gouverneur, lùchairt luchd-riaghlaidh.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mongabay
  2. Earth-info
  3. Distance Calculator