Eilean nam Muc
Eilean nam Muc | |
Eilean nam Muc - Port Mòr | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | A' Ghàidhealtachd |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan Tarsainn |
Co-chomharran | 56.834167º T 6.248889º I |
Comharradh-clèithe | NM408794 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 5.59 km² |
Àireamh-shluaigh | 27 (2011) |
Dlùths | 4.83/km² |
Tha Eilean nam Muc (IPA: [ˈelan nə 'muxk]) na eilean anns na h-Eileanan Tarsainn. Tha an t-eilean 2.5 mìle (4 km) a dh'fhad. Tha e cho farsaing ri 2.2 mìle ceàrnagach is nas motha na Eilean Chathastail agus Eilean nan Each anns an innis-mhuir seo.
Anns a' bhliadhna 2011 bha 27 daoine a' fuireach air an eilein. 'S e Port Mòr am port-mara aige, tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach an seo. 'S e an tuathanas Gallanach an tuineachadh eile a tha ann.
'S e Beinn Airein (137 m) a' bheinn as àirde a tha air an eilein.
Tha Eilean nam Muc ainmeil airson nan ròin agus nan mucan-bhiorach a tha gu math iomadach anns a’ mhuir timcheall air an eilean.
Chan eil an t-ainm "Eilean nam Muc" ceangailte leis a' mhuc idir. 'S e ainm goirid airson muc-mhara a tha ann. [1]
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an cidhe ann am Port Mòr a thogail anns a' bhliadhna 2005. Cleachdar na h-aiseagan Chaledonian Mac a' Bhriuthainn e. Tha an aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eilean nam Muc.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Eilean nam Muc - Duilleag oifigeil
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 408 794
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |