Luinn
Is e An t-Eilean Luinn (Beurla: Luing) aon de na h-eileanan sglèat, ann an Latharna, agus faisg air an Òban. Tha e suidhichte ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.
Is iad na bailtean: Tobar Dhonnchaidh, Culapoll agus Black Mill Bay. Fhad 's a bha 212 duine a' fuireach ann an Luinn anns a' bhliadhna 2001, a rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 195 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011.[1]
A-nis, is iad na prìomh ghnìomhachasan turasachd, a' glacadh nan giomach, agus tuathanachas mhart.
Tha Luinn ainmeil airson dà rud: gnìomhachais an sglèat, agus pailteas luchd-buannachaidh aig a' Mhòd.
Bha gnìomhachais an sglèat cudromach anns an eilean, le cuaraidhean ann an Tobar Dhonnchaidh, gus an deach an cuaraidh mu dheireadh a dhùnadh ann an 1939.
Bhuannaich Nan NicAonghais bonn òir a' Mhòid ann an 1926, Sandy Brown ann an 1938, agus Hughie MacCuidhein ann an 1985.
'S e Luinneach a chanar ri duine a bhuineas do Luinn, no piocach mar far-ainm.
Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]
- NicCoinnich, Liusaidh (1938). 'Èisdeal agus Luinn', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 136-143.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
Colla | Colbhasa | Diùra | Ì Chaluim Chille | Ìle | Lios Mòr | Longaigh | Muile | Orasaigh | Pabaigh | Ratharsair | Rònaigh | An t-Eilean Sgitheanach | Sgalpaigh an t-Sratha | Stafa | Tiriodh | Ulbha
Na h-Eileanan Tarsainn: Canaigh | Eige | An t-Eilean Gainmhich | Eilean nam Muc | Haoisgeir | Rùm
Na h-Eileanan Sglèata: Saoil | Eilean Èisdeal | Luinn | Beul na h-Uamha