Jump to content

Itrium

O Uicipeid


Itrium
Itrium.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Y
Àireamh 39
Buidheann 3, Scandium
Ùine 5
Bloca d
Seòrsa Meatailt trastach
Buadhan stuthach
Dath Airgead-liath
Teothachd leaghaidh 1799 K ​(1526 °C, ​2779 °F)
Teothachd goilidh 3203 K ​(2730 °C, ​5306 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 88.90584(2)[1]
Comh-dhealbhadh atamach [Kr] 4d1 5s2
Cor ogsaideachaidh +1, +2, +3
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 600
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1180
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1980

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an itrium le samhla Y agus àireamh atamach 39. 'S e meatailt trastach a tha ann agus tha e glè choltach ri na lantanaich. Lorgar e daonnan ann an clachan còmhla ri na lantanaich. Tha a fheartan nas coltaiche ri lantanaich na scandium.

Chan eil ach aon iosatòp, 89Y, ann an itrium nàdarra.

Ann an 1787 lorg Carl Axel Arrhenius clach dubh ann an cuaraidh faisg air Ytterby anns an t-Suain. Chuir e samplaichean do iomadh ceimigear. Ann an 1790 dhearbhaich Johan Gadolin gun robh ogsaid ùr anns an t-sampla. Dh'ainmich Anders Gustav Ekeberg an ogsaid seo yttria air Ytterby. Nuair a dhearbhaicheadh nach robh yttria itrium ogsaid fìor-ghlan agus gun robh meatailtean eile innte, dh'ainmich Martin Heinrich Klaproth e gadolinit air Gadolin.

Ann an 1828 theasaich Friedrich Wöhler itrium clòraid cuide ri potasium agus rinn e itrium fìor-ghlan.[2]

Cleachdar fosfaran itrium ann an tiùbaichean gath cathod agus gàirneid itrium-aluiminium (YAG) ann an leusairean fo-dhearg.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. http://www.ciaaw.org/atomic-weights.htm
  2. 2.0 2.1 Dinér, Peter (2016): “Yttrium from Ytterby,” ann an: Nature Chemistry, leabhar 8, td. 192. doi:10.1038/nchem.2442.