Jump to content

Calafòrnium

O Uicipeid


Calafòrnium
Diosg glè bheag de chalafòrnium.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Cf
Àireamh 98
Ùine 7
Bloca f
Seòrsa Actanach
Buadhan stuthach
Dath Airgead-liath
Teothachd leaghaidh 1173 K ​(900 °C, ​1652 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (251) neo-sheasmhach
Comh-dhealbhadh atamach [Rn] 5f10 7s2
Cor ogsaideachaidh +2, +3, +4
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 608

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an calafòrnium le samhla Cf agus àireamh atamach 98. 'S e actanach agus meatailt rèidio-bheò bog agus dlùth a tha ann. Tha an aidheon +3 as cudromaiche sa' cheimigeachd de chalafòrnium ach tha calafòrnium(IV) ogsaid ann cuideachd.

Rinneadh caractarachd ri 20 iosatòpaichean de chalafòrnium. Tha 251Cf, le leth-bheatha 898 bliadhna, 249Cf, le leth-bheatha 351 bliadhna, 250Cf, le leth-bheatha 13.08 bliadhna, agus 252Cf, le leth-bheatha 2.645 bliadhna, as seasmhaiche.

Ann an 1950 rinneadh an toiseach calafòrnium aig Glenn Theodore Seaborg, Albert Ghiorso, Kenneth Street, Jr. agus Stanley G. Thompson. Chleachd iad an greasadair-mhìrean 60 òirleach aig Oilthigh Chalafòrnia, Berkeley agus bhuail iad niùclasan de churium-242 le niùclasan de helium is rinn iad calafòrnium-245. Cha do rinn iad ach 5000 ataman ann an deuchainn seo. Dh'ainmicheadh iad e air Calafòrnia, ach chan eil seo co-shìnte ri diospròsium anns an t-sreath nan lantanach mar actanaich eile.

Cleachdar calafòrnium mar bhun-niùtroin airson rèidiografaidh agus leigheasadh aillse.