Jump to content

Càrn an Uaimh

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 23:53, 16 dhen Dàmhair 2023 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5)
Càrn an Uaimh

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 52′ 00″ Tuath
04° 13′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01557

‘S e baile beag dùthchasail ann an ceann a deas na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Càrn an Uaimh (Beurla/Beurla Ghallda: Anwoth). Tha e suidhichte aig 72m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A75 eadar Port Aiseig a' Chrìch agus Taigh an Rathaid, ri taobh beul na h-Aibhne Flèoid.[2] Tha e 265km air falbh bho Obar Dheathain, 113km bho Ghlaschu, 30km bho Chille Chuithbeirt agus 118km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Càrn an Uaimh. Tha eaglais agus talla ann an cuideachd.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Taigh an Rathaid[5] agus dhan àrd-sgoil ann an Cille Chuithbeirt.[6]

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à càrn agus uamh anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[8] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à seann Chuimris Afon Wyth agus chaidh a chlàradh ann am Bagimont mar Avin-vettie. Bheireadh sin Slighe na h-Aibhne dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.[9] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.

Eachdraidh

Chaidh Càrn an Uaimh a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1349. Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1627 agus tè ùr ann an 1828.[10] B' e Samuel Rutherford na mhinistear an seo aig àm an Ath-Leasachaidh, bho 1627 gu ruige 1636.[11] B' fheudar dha Càrn an Uaimh fhàgail ann an 1636 agus chaidh a chur air fògairt gu Obar Dheathain air sàilleabh nach ghabhadh e ri teagasg na h-eaglaise, a bha cho lag na bheachd-sa. Chuir e ainm dhan Cùmhnant Nàiseanta agus aig an ceann thall dh'fhàs e a bhith na ollamh ann an diadhaireachd aig Oilthigh Chill Rìmhinn. A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 89 duine à Càrn an Uaimh agus an sgìre seo bàs sa Chogadh Mhòr[12] agus 14 eile san Dàrna Chogadh. Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh an seo ann an 1973.[13]

Iomraidhean

  1. Falling Rain
  2. Scotland's Places
  3. Luftlinie
  4. Anwoth
  5. Gatehouse Primary
  6. Kirkcudbright Academy
  7. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Kirkcudbright
  10. Canmore
  11. Reformation History
  12. Scottish War Memorials Project
  13. Movie Locations

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: