Jump to content

Baile Mhic Aoidh

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 23:31, 24 dhen Iuchar 2023 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5)
Baile Mhic Aoidh

Suidheachadh
Dùthaich 22px Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 51′ 98″ Tuath
04° 01′ 22″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01556

‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Mhic Aoidh (Beurla/Beurla Ghallda: Balmaghie). Tha e suidhichte aig 76m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Gleann Lochair agus Baile Labhrainn. Tha e 272km air falbh bho Obar Dheathain, 103km bho Ghlaschu, 13km bho Chille Chuithbeirt agus 123km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile Mhic Aoidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha eaglais agus talla[3] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Crois Mhìcheil[4] agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.[5] Tha an t-Uisge Dhè air an taobh tuath na parraist.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e cinnyeach gur ann à baile agus mac agus aodh anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à baile agus magach a tha an t-ainm, leis cho torrach 's a tha an sgìre,[7] ged a tha eachdraidh ionadail a' toirt cuideam dhan a' chiad theòiridh.

Eachdraidh

Chaidh Baile Mhic Aoidh a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1420 mar Balmaceth. B' e teaghlach gu math cumhachdail san sgìre a bh'ann muinntir Mhic Aoidh bhon 10mh Linn gu ruige an 18mh Linn, nuair a reic iad an cuid oighreachdan.[8] Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1794.[9] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 20 duine à Baile Mhic Aoidh bàs sa Chogadh Mhòr[10] agus fear eile san Dàrna Chogadh.

Iomraidhean

  1. Elevation Map
  2. Distance from to
  3. Canmore
  4. Crossmichael Primary School[dead link]
  5. A' Chomhairle
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  7. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  8. Electric Scotland
  9. Scottish Churches
  10. Scottish War Memorials Project

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: