Cille Bheathain
Cille Bheathain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 55′ 00″ Tuath 03° 37′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 643[1] (2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
'S e baile beag dùthchasail ann an ceann a tuath na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Cille Bheathain (Beurla/Beurla Ghallda: Kirkbean). Tha e suidhichte aig 84m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A710 eadar Sandyhills agus An Abaid Ùr, ri taobh an Uillt Chille Bheathain.[3] Tha e 265km air falbh bho Obar Dheathain, 113km bho Ghlaschu, 30km bho Chille Chuithbeirt agus 118km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Bheathain. Tha eaglais agus talla ann an Cille Bheathain.[5] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.[7]
Freumhan an Ainm
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill agus an t-ainm Beathan anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[9]
Eachdraidh
Chaidh Cill Bheathain a chlàradh airson a' chiad turas mar Kyrkebene ann an 1274.[10] Chumadh coinneamhan adhraidh-rùin dìobhair an seo ri àm an an Ath-Leasachaidh, far am biodh na mìltean an làthair.[11] B' e port[12] cudromach anns an 18mh Linn a thaobh imrich a-mach rè fuadaichean nan croitear ann an ceann a deas na h-Alba.[13] Chaidh am baile a leasachadh mar bhaile oighreachd aig deireadh an 18mh Linn.[14] Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1776, a chaidh a leasachadh ann an 1835.[15] Chaidh am feallsanaiche Frangach Jean Thurot (1755 – 1833) a thìodhlacadh an seo. A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 14 duine à Cille Bheathain bàs sa Chogadh Mhòr[16] agus còignear eile san Dàrna Chogadh.
Daoine Ainmeil
- Iain Caimbeul (1720 – 1790): Seòladair.
- John Paul Jones (1747 – 1792): Seòladair, radaigeach.
- Helen Craik (1751 – 1825): Sgrìobhadair.
Iomraidhean
- ↑ EVI
- ↑ Falling Rain
- ↑ Scotland's Places
- ↑ Luftlinie
- ↑ List
- ↑ Kirkbean Primary[dead link]
- ↑ Douglas Ewart High School[dead link]
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Saint Places
- ↑ The Topographical, Statistical, and Historical Gazetteer of Scotland
- ↑ Kirkbean Heritage Society
- ↑ Windsor Scottish
- ↑ Undiscovered Scotland
- ↑ Colvend Church
- ↑ Scottish War Memorials Project
Ceanglaichean a-mach
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm