Jump to content

An Abaid Ùr

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 17:17, 18 dhen Dàmhair 2020 le CreagNamBathais (deasbaireachd | mùthaidhean) (Eachdraidh: ceangal ri Taigh Shambellie)
An Abaid Ùr

Suidheachadh
An Abaid Ùr is located in Alba
An Abaid Ùr
An Abaid Ùr (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975
Co-chomharran 54° 58′ 48″ Tuath
3° 37′ 10″ Iar
Comharradh-clèithe NX964662
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 620 (2011)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (seann Shiorrachd Chille Chùithbeirt)[1] a th' anns An Abaid Ùr (Beurla: New Abbey).[2] Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara,[3] san roinn Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh mu 13km an iar-dheas air Dùn Phrìs. Tha a' bheinn Criffel (570 m a dh' àirde) mu 4km air falbh. Ann an 2011 bha 620 duine a' fuireach an seo.[4] 'S ann anns a' bhaile seo 's a chithear tobhtaichean abaid ris an canar Cridhe Mìlis air neo Sweetheart Abbey sa Bheurla.[5]

Eachdraidh

Tha crannag ann am meadhan Loch Kindar, dìreach ro taobh a' bhaile fhèin,[6] air a thogadh o chionn còrr is mìle bliadhna. Chaidh abaid Cisteirseach a thogail ann an 1273 le Leadaidh Devorgilla nuair a chaochail an duine aice, John Balliol. Chuir na manaich an t-ainm "dulce cor" ris an abaid ach, leis gu robh abaid eile ann mar-thà faisg air làimh ann an Dùn Droighnein, b' e An Abaid Ùr a chuireadh oirre.[7] Chaidh an abaid a dhùnadh ann an 1624.[8] B' àbhaist dhan pheantair Francis Cadell (1883 - 1937) chèilidh air an Taigh Shambellie, a bha leis a chuid chairdean na Stiùbhartaich.[9] An latha an-diugh 's ann fo urras 's a tha Taigh Shambellie, a tha ga leasachadh mar ionad foghlaim airson turasachd a bhrosnachadh san sgìre.[10]

Iomraidhean

  1. History Scotland
  2. Stòr-dàta Briathrachais”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
  3. Meteo Consult
  4. New Abbey”. Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
  5. New Abbey, Sweetheart Abbey”. Canmore. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
  6. Canmore
  7. Visit Scotland
  8. New Advent
  9. Kirkcudbright Galleries
  10. Shambellie House Trust