Jump to content

Sgùrr na Lapaich

O Uicipeid
Sgùrr na Lapaich

Sgùrr na Lapaich bho Sgùrr nan Clachan Geala
Àirde (m) 1,150
Àirde (tr) 3,772
Àirde rinneach (m) 839
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr na Lapaich is located in Alba
Sgùrr na Lapaich
Sgùrr na Lapaich (Alba)
Suidheachadh Gleann Canaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 25,
Comharradh-clèithe NH16083511

'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Lapaich. Tha e 1,150 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Canaich eadar Loch Monar agus Loch Maol Àrdaich. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann. Feumar a bhith faiceallach, oir tha beanntan eile ann leis an ainm sin.

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Chanaich, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Mar as trice bithear ga cheangal leis An t-Socach, An Riabhachan agus Càrn nan Gobhar[1]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach, Gleann Srath Farair agus Toirbheartan.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Beanntan Mhullardoch air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: