Beinn Fhada
Beinn Fhada | |
---|---|
Àrd-chlàr mullach na Beinne Fada | |
Àirde (m) | 1,032 |
Àirde (tr) | 3,386 |
Àirde rinneach (m) | 647 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH018192 |
'S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Fhada. Tha i 1,032m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte air cùlaibh a' Mhormhaich agus Innis a' Chrodh. Tha a' bheinn co-shìnte ri Còig Peathraichean Chinn Tàile, agus tha i cha mhòr a cheart cho fada ris an aonach sin. Tha i air taobh tuath Gleann Lic.
'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap a' Bheinn Fhada bho Ghleann Chòinneachain agus Coire an Sgàirne. Ruigear an uair sin a' Phlaide Mhòr, àrd-chlàr mòr air a' bheinn. Bhon mhullach tha e cumanta a bhith a' dol chun an iar agus air ais dhan Mhormhaich thairis air iomadh binnean air druim caol.[1] Dh'fhaodar cuideachd cumail a' dol dhan àrd an ear agus cromadh gu Gleann Afraig. Bidh cuid de dhaoine a tha a-mhàin airson na beanntan rothaich a shreap, ga cheangal leis a' Ghlas-bheinn bho Bhealach an Sgàirne.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Gleann Afraig.