Jump to content

Tom a' Chòinnich

O Uicipeid
Tom a' Chòinnich

Tom a' Chòinnich
Àirde (m) 1,112
Àirde (tr) 3,648
Àirde rinneach (m) 148
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Tom a' Chòinnich is located in Alba
Tom a' Chòinnich
Tom a' Chòinnich (Alba)
Suidheachadh Frìth Beinn Fhionnlaidh
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Explorer 415
Comharradh-clèithe NH164273

'S e beinn air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Tom a' Chòinnich, cuideachd Tom a' Chòinich agus Tom a' Choinich[1]. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Loch Mullardoch agus Gleann Afraig. Tha e 1,112m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas bho Loch Mullardoch gu Càrn Eige, far a bheil e a' coinneachadh ris an druim a tha a' dol bhon tuath dhan deas. Dh'fhaodadh gu bheil an t-ainm a' tighinn bho chòinneach[2].

'S e seo na beanntan ann an Gleann Afraig a tha nas fhasa a ruigsinn. Mar as trice bithear ga dhèanamh bho Ghleann Afraig agus ga cheangal le Toll Easa agus Toll Creagach. Dh'fhaodadh cumail air gu Càrn Eige agus Màm Sodhail agus tilleadh a Ghleann Afraig bho sin.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Gleann Afraig, Loch Mullardoch, Gleann Canaich, Beanntan Cill Fhaolain agus Gleann Srath Farair.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Tom a' Choinich air Walkhighlands
  2. Tom a Choinich agus Toll Creagach air Walkhighlands