Màm Sodhail
Màm Sodhail | |
---|---|
Àirde (m) | 1,181 |
Àirde (tr) | 3,875 |
Àirde rinneach (m) | 137 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Afraig |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NH119253 |
'S e beinn ann an Afraig an Iar air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Màm Sodhail, cuideachd Màm Sabhail[1]. Tha e 1,181 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte os cionn Gleann Afraig eadar Loch Afraig agus Loch Mullardoch ann an sgìre glè iomallach.
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Mar as trice bithear a' fuireach ann an Gleann Afraig no Gleann Canaich. Bidh cuid ga cheangal le Càrn Eige agus Beinn Fhionnlaidh[2] air neo leis an t-Socach agus Sgùrr nan Ceathramhnan. Tha dromanan fada a' ceangal nam beann seo uile ri chèile agus dh'fhaodte coiseachd fad làithean.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Gleann Afraig, Oighreachd Mhonar, Cinn Tàile agus Loch Mullardoch.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 13
- ↑ Càrn Eige, Màm Sodhail agus Beinn Fhionnlaidh air Walkhighlands