Jump to content

Beinn Fhionnlaidh

O Uicipeid
Beinn Fhionnlaidh

Beinn Fhionnlaidh bho Chàrn Eige
Àirde (m) 1,005
Àirde (tr) 3,297
Àirde rinneach (m) 173
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Fhionnlaidh is located in Alba
Beinn Fhionnlaidh
Beinn Fhionnlaidh (Alba)
Suidheachadh Gleann Canaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NH115282

'S e beinn air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Fhionnlaidh. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Loch Mullardoch agus Gleann Afraig. Tha i 1,005 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada a' sìneadh bhon tuath dhan deas bho Loch Mullardoch gu Càrn Eige agus Màm Sodhail. A rèir coltais chaidh a h-ainmeachadh às dèidh geamair ann an Cinn Tàile air an robh caise uabhasach[1].

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Bithear uaireannan ga ceangal le Càrn Eige agus Màm Sodhail, no Tom a' Chòinnich agus Toll Easa. Tha druim fada a' ceangal nam beann seo uile còmhla agus dh'fhaodadh coiseachd fad làithean. Dh'fhaodadh tòiseachadh bho Ghleann Afraig[2] no bho thaobh Loch Mullardoch.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Loch Mullardoch, Gleann Canaich, Beanntan Cill Fhaolain agus Gleann Afraig.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 189
  2. Beinn Fhionnlaidh, Càrn Eige agus Màm Sodhail air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]