Jump to content

Loch Monar

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°25′12″N 5°06′24″W / 57.420093°N 5.106614°W / 57.420093; -5.106614

Loch Monar

Sealladh air Loch Monar
Bàrr uisge (m os cionn na mara) 226 [1]
Seòrsa Loch tasgaidh
Àrainn drèanaigh Beauly Basin
Às-sruth Garbh uisge, Amhainn Farair
Suidheachadh
Loch Monar is located in Alba
Loch Monar
Loch Monar (Alba)
Suidheachadh a' Ghàidhealtachd
Comharradh-clèithe NH148409


'S e loch mòr ann an Alba a tha ann an Loch Monar.[2] Tha e suidhichte ann an Gleann Srath Farair ann an Siorrachd Rois agus Crombaigh air a' Ghàidhealtachd, mu 5 mìle san àird an iar air Loch a' Mhuillidh agus mu 6 mìle san àird an iar air Loch Beannacharan.

A rèir suirbhidh a rinneadh ann an 1903 bha an loch mu 4 mìle (6 km) a dh'fhaid agus beagan nas lugha na 587 slat (537 m) a leud aig an àite as leathainne. [2] Chaidh dama a' thogail ann an 1960. An-diugh tha Loch Monar mu 8 mìle (13 km) a dh'fhad. Tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 41 mìle ceàrnagach (106 km²). 'S e loch-tasgaidh airson uisge-òil a th' ann an Loch Monar. Tha t-uisge Loch Calavie, Loch an Tachdaidh agus a' Ghead Loch a' sruthadh a-steach dhan loch seo. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch don Garbh-uisge agus a nuair sin don àmhainn Farair.

Tha Loch Monar suidhichte anns na beanntan aig ceann an iar Gleann Srath Farair. 'S iad cuid dhiubh a tha faisg air: Sgùrr a' Chaorachain, Sgùrr Choinnich, Maoile Lunndaidh, Lurg Mhòr, Sgùrr a' Choire Ghlais agus Bidean a' Choire Sheasgaich.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Loch Monar air British Lakes
  2. 2.0 2.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 346, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: