Jump to content

Loch an Tachdaidh

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°23′32″N 5°10′29″W / 57.392329°N 5.174770°W / 57.392329; -5.174770

Loch an Tachdaidh
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch an Tachdaidh
Suidheachadh Loch an Tachdaidh air a' Ghàidhealtachd

'S e loch beag ann an Alba a tha ann Loch an Tachdaidh. Tha e suidhichte anns a' ghleann eadar Beinn Beag agus Lurg Mòr air a' Ghaidhealtachd, dìreach san àird an iar-dheas air a' Ghead Loch.

Tha an loch mu 2/3 mìle (1 km) a dh'fhad agus tha an leud aige mu 1/3 mìle (530 m) aig an àite as leathainne. Tha Loch an Tachdaidh cho mòr ri 92 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri nas motha na 4 mhìle ceàrnagach (6,5 km²). 'S e 62 troigh (19 m) an domhainneachd aige aig an àite as doimhne.[1]

Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch an Tachdaidh don Ghead Loch. Tha uisge na Lochan Gobhlach agus Loch Calavie a' sruthadh a-steach do Loch an Tachdaidh. 'S e "Gedd Lochs" (Lochan Gedd) an t-ainm a th' air na Lochan Gobhlach, Loch an Tachdaidh agus an Gead Loch.[1]

Tha Loch an Tachdaidh co-cheangailte ri Lochan Ghleann Srath Farair.

'S e dìreach càrn a th' anns an eilean san ear-thuath, agus tha ceithir eileanan eile gun ainm ann an Loch an Tachdaidh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 344-345, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]