Loch Beannacharan
Co-chomharran: 57°24′37″N 4°49′18″W / 57.410236°N 4.821721°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Beannacharan; ainmean eile: Loch Bunacharan is Loch Banchron.[1] Tha e suidhichte ann an Gleann Srath Farair ann an Siorrachd Inbhir Nis mu mhìle san àird an ear air Loch a' Mhuillidh agus mu 6 mìle san àird an ear air Loch Monar.
Tha an loch mu 1.5 mìle (2,4 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 587 slat (537 m) aig an àite as leathainne. Tha Loch Beannacharan cho mòr ri 157 acair (0,6 km²) agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith ceithir mìle ceàrnagach (10,3 km²). Tha an doimhneachd aige 113 troigh (34 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch don Abhainn Farrar.
Tha Loch Beannacharan suidhichte aig ceann sreath lochan Ghleann Srath Farair. Tha uisge Loch Calavie, Loch an Tachdaidh, a' Ghead Loch, Loch Monar agus Loch a' Mhuillidh a' sruthadh a-steach dhan loch seo.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 349, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Glen Strathfarrar
- Fiosrachadh airson luchd-coiseachd aig Walkhighlands.co.uk (Beurla)
- Dealbhan
- Gazetteer for Scotland (Beurla)
Loch Calavie • Loch an Tachdaidh • An Gead Loch • Loch Monar • Loch a' Mhuillidh • Loch Beannacharan