Jump to content

Gleann Srath Farair

O Uicipeid
Gleann Srath Farair
Gleann Srath Farair

'S e gleann mòr air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Gleann Srath Farair[1]. Tha e mu 27 mìle (44 km) a dh’fhaid. Tha e suidhichte eadar Bidean a' Choire Sheasgaich agus Lurg Mhòr sa cheann an iar agus baile Sruidh sa cheann an ear. Tha Abhainn Farair a' sruthadh tron ghleann.

Dh'ainmich na Ròmanach an dùthaich timcheall air Gleann Srath Farair "Vararum", nochdaidh e air an sean mhapa Ptolomaidh às an 2na linn.[2][3]

Tha dùblachadh annasach san ainm - gleann agus srath. Ma dh'fhaoidte, 's e cruth-tìre an àite as adhbhar air a shon, on a tha a' phàirt an iar coltach ri gleann agus a' phàirt an ear nas leatha agus coltach ri srath.[4]

'S e loch-tasgaidh a tha ann an Loch Monar an-dràsta agus tha Gleann Srath Farair na phàirt de Neart nan Gleann. Chaidh a' phàirt dhen gleann eadar Leishmore agus Coille an Ath ainmeachadh mar Tèarmann Nàdair Nàiseanta ann an 1977 [2].

Tha bradan agus breac donn a' fuireach ann an Abhainn Farair[2] [5].

Tha iomadh beinn suidhichte ri taobh Shrath Farair:

Air an taobh dheis m.e.:

Air an taobh thuath m.e.:

Tha trì lochan suidhichte air cois Ghleann Srath Farair:

Tha uisge lochan eile a' sruthadh don Amhainn Farar cuideachd, m.e.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ainmean-Àite
  2. 1 2 3 Glen Affric & Strathglass
  3. Watson, William John [1926] (1986): The History of the Celtic Place-Names of Scotland. Baile Atha Cliath: Irish Academic Press, td. 19. ISBN 0-7165-2394-9.
  4. Blaeu, John ⁊ Robert Gordon (1654): Extima Scotiae septentrionalis ora, ubi Provinciae sunt Rossia, Sutherlandia, Cathenesia, Strath-Naverniae, cum vicinis regiunculis quae eis subsunt, etiamque Moravia / R. Gordonius à Strath-loch collegit et descripsit. (Laideann), td. 98. NLS. Air a thogail 11mh dhen Dùbhlachd 2025.
  5. Sandison, Bruce (2013) "Rivers and Lochs of Scotland. The Angler's Complete Guide 2013/14". Black and White Publishing. ISBN 1845027116

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: