Jump to content

Bidean a' Choire Sheasgaich

O Uicipeid
Bidean a' Choire Sheasgaich

Bidean a' Choire Sheasgaich bho Lurg Mhòr
Àirde (m) 945
Àirde (tr) 3100
Àirde rinneach (m) 209
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Bidean a' Choire Sheasgaich is located in Alba
Bidean a' Choire Sheasgaich
Bidean a' Choire Sheasgaich (Alba)
Suidheachadh Coille Mhonar
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NH049412

'S e beinn ann am Frìth Mhonar air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Bidean a' Choire Sheasgaich. Tha i 945 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Loch Monar dìreach os cionn Loch Calavie. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann[1]. Tha lochan faisg air a' mhullach. Bidh luchd-streap na Beurla gu tric a' strì le fuaimneachadh an ainm Ghàidhlig, agus cleachdaidh e am far-ainm cheese cake ris, is iad den bheachd gu bheil an fhuaim coltach ris an ainm Ghàidhlig

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Achadh na Seileach, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Mar as trice thèid a cheangal leis an Luirg Mhòir a tha dìreach mu 2km air falbh bhon mhullach. Gheibhear suas gu cofhurtail bho thaobh Loch Calavie dhan bhealach eadar an dà bheinn.[2].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Beinn Fhionnlaidh, beanntan Ghleann Afraig, Srath Farair agus Toirbheartan.

'S ann air Oighreachd Atadail a tha Bidean a' Choire Sheasgaich agus Lurg Mhòr[3].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Bidean a' choire Sheasgaich air Walkhighlands,
  2. Bidean a' Choire Sheasgaich agus Lurg Mhòr air Walkhighlands
  3. Oighreachd Atadail

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]