Jump to content

An Riabhachan

O Uicipeid
An Riabhachan

An Riabhachan bho druim an t-Socaich
Àirde (m) 1,129
Àirde (tr) 3,704
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
An Riabhachan is located in Alba
An Riabhachan
An Riabhachan (Alba)
Suidheachadh Gleann Canaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 25,
Comharradh-clèithe NH13373449

'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an Riabhachan. Tha e 1,129 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Canaich eadar Loch Monar agus Loch Mullardoch. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air strìopan glasa air a' bheinn [1].

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Chanaich, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Bidh cuid ga cheangal leis An t-Socach agus Sgùrr na Lapaich agus Càrn nan Gobhar[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach, Srath Farair agus Toirbheartan.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 60
  2. Beanntan Mhullardoch air Walkhighlands
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: