An Socach (Gleann Canaich)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
An Socach (Gleann Canaich)
An Socach glen cannich.jpg
An Socach bhon druim
Àirde (m) 1,069
Àirde (tr) 3,507
Àirde rinneach (m) 204
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
An Socach (Gleann Canaich) is located in Alba
An Socach (Gleann Canaich)
An Socach (Gleann Canaich) (Alba)
Suidheachadh Gleann Canaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 25,
Comharradh-clèithe NH100332

'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an t-Socach. Tha e 1,069 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Canaich eadar Loch Monar agus Loch Mullardoch. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann. tha an t-ainm a' tighinn bho sròn muice[1]. Feumar a bhith faiceallach, oir tha beinn eile ann leis an ainm An Socach ann an Gleann Afraig.

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Chanaich, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Bidh cuid ga cheangal leis An Riabhachan, Sgùrr na Lapaich agus Càrn nan Gobhar[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach agus Toirbheartan.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 93
  2. Beanntan Mhullardoch air Walkhighlands