Jump to content

Càrn nan Gobhar (Gleann Canaich)

O Uicipeid
Càrn nan Gobhar (Gleann Canaich)

Càrn nan Gobhar bho dhruim a deas
Àirde (m) 992
Àirde (tr) 3,254
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Càrn nan Gobhar (Gleann Canaich) is located in Alba
Càrn nan Gobhar (Gleann Canaich)
Càrn nan Gobhar (Gleann Canaich) (Alba)
Suidheachadh Gleann Canaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 25,
Comharradh-clèithe NH18203438

'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Càrn nan Gobhar. Tha e 992 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite faisg air Canaich eadar Loch Monar agus Loch Mullardoch. Feumar a bhith faiceallach, oir tha beinn eile leis an ainm Càrn nan Gobhar agus an aon àirde anns an ath ghleann, Srath Farair.

Chan e cuairt ro fhada a th' ann a bhith a' streap na beinne seo bho cheann an rathaid aig dam Mullardoch. Ach bidh a' mhòrchuid ga cheangal leis An Riabhachan, Sgùrr na Lapaich agus An t-Socach[1], agus an uair sin 's e cuairt fhada iomallach a th' ann.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach, Srath Farair agus Toirbheartan.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Beanntan Mhullardoch air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: