Jump to content

Lochan Gobhlach, Lochan Gedd

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°23′05″N 5°11′31″W / 57.384737°N 5.191914°W / 57.384737; -5.191914

Lochan Gobhlach
Suidheachadh
Suidheachadh
Lochan Gobhlach
Suidheachadh Lochan Gobhlach air a' Ghàidhealtachd

'S e dà loch bheag ann an Alba a th' ann an Lochan Gobhlach (ainm eile: Loch an Gobhlach).[1] Tha iad suidhichte air a' Ghàidhealtachd san àird an iar-dheas air Loch an Tachdaidh, eadar Lurg Mòr agus an Cruachan.

Tha na lochan co-cheangailte le allt beag, agus tha iad gu lèir mu 2/3 mìle (1 km) a dh'fhad. Tha dà eilean ann an loch an ear. Tha uisge Lochan Gobhlach a' sruthadh a-steach do Loch an Tachdaidh. 'S e "Gedd Lochs" (Lochan Gedd) an t-ainm a th' air Lochan Gobhlach, Loch an Tachdaidh agus a' Ghead Loch.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 345, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]