Sgùrr Choinnich
Coltas
| Sgùrr Choinnich | |
|---|---|
Sgùrr Choinnich sa gheamhradh | |
| Àirde (m) | 999 |
| Àirde (tr) | 3,277 |
| Àirde rinneach (m) | 134 |
| air liosta | Beinn Rothaich |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Achadh na Seileach |
| Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 Explorer 429 |
| Comharradh-clèithe | NH07624460 |
'S e beinn ann am Frìth Achadh na Seileach air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Choinnich. Tha e 999 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Achadh na Seileach agus Loch Monar mu 5km bhon rathad ann an Gleann Carrann. Dh'fhaodadh gu bheil an t-ainm a' toirt iomradh air an ainm Coinneach.
Gus a' bheinn seo a shreap, bithear mar as trice a' dèanamh pàirt den t-slighe tron ghleann air an rothair. Mar as trice bithear a' streap na beinne bho thaobh an iar, agus ga cheangal le Sgùrr a' Chaorachain[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Bidean a' Choire Sheasgaich, Lurg Mhòr, Srath Carann, Loch Carrann agus Toirbheartan.
