Gleann Urchadain
Coltas
'S e gleann air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Gleann Urchadain. Tha e mu 10 mìle (16km) a dh'fhaid. Tha e suidhichte eadar am baile Canaich sa cheann an iar agus am baile Druim na Drochaid sa cheann an ear air bruachan Loch Nis. Tha Abhainn Enrick a' sruthadh tron ghleann. Tha Gleann Urchadain, Gleann Afraig agus Gleann Canaich a' coinneachadh aig Canaich. Tha Amhainn Enrick a' sruthadh tro Loch Meiklie ann an Gleann Urchadain.
Tha Gleann Urchadain torrach agus craobhach[1].
Tha Comann Camanachd Ghleann Urchadain suidhichte ann an Druim na Drochaid bho 1885[2].
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Ness Basin", td 400, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ Comann Camanachd Ghleann Urchadain
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Gazetteer for Scotland Fios agus mapaichean (Beurla)