Popayán
Popayán
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cauca | ||||
Àirde | 1760m | ||||
Co-chomharran | 2° 27' Tuath 76° 37' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 483 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 257,512 (2005) | ||||
Dlùths | 533.15/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Phopayán |
'S e baile eachdraidheil ann an iar dheas Coloimbia[1] a th' ann am Popayán. Bha e fa-leth cudromach anns na làithean a dh'fhalbh na a tha e an latha an-diugh. Chuir iomadh cheannsaiche seachd ùine mhòr neo bheag ann am Popayán, Jorge Robledo nam measg. 'S e 19 an teodhachd mheadhanach aige. 'S e prìomh-bhaile na roinne Cauca a th'ann Popayán. Tha e suidhichte 557km air falbh bho Bhogotá.[2]. Bha àireamh-sluaigh dhe 257,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.[3] 'S e Popayán an 25mh baile as motha na dùthcha.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1537.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A-rèir beul-aithris a’ bhaile, thàinig an t-ainm bho cheann-fheadhna Tùsanach air an robh Payán, a bha os cionn daoine an àite nuair a thàinig na Spàinntich. Bha na Tùsanaich nan tàmh mu thimcheall na beinne ris an canar Cerro de la Eme neo Cerro de las Tres Cruces an latha an-diugh.
Air an dàrna thaobh, dh'innis an t-eachdraiche Arcesio Aragón dhuinn gur e Pampayán a bha air an àite bho thùs, bho dhà fhacal ann an Quechua: pampa "gleann, làrach neo bealach" agus am facal yan a tha a’ ciallachadh "abhainn". Bealach na h-Aibhne, leis gum b' urrainn dha na daoine a dhol thar na h-Aibhne Cauca dìreach an seo.
Air an taobh eile, thuirt seann seanchaidh air choireigin gur ann à cànan Aimearaganach mar An Guambía a tha an t-ainm Popayán, is le sin tha trì faclan ann: po: (dà), pa: (tugh) agus yan (taigh): Dà thaigh tughaidh.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha 257,512 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 30,534 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Popayán, ach tha 2.8% dhe Tùsanaich agus 2.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94% dhe na daoine ann an Popayán leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 70.7% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Popayán. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Joaquín Mosquera (1787 - 1878): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1830 agus 1831.
- Tomás Cipriano de Mosquera 1798 - 1878): Ceann-suidhe na dùthcha ceithir tursan.
- Froilán Largacha 1823 - 1892: Ceann-suidhe na dùthcha eadar an Gearran agus an Cèitean 1863.
- José Hilario López: Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1849 agus 1853.
- Julián Trujillo Largacha (1828 - 1883): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1878 agus 1880.
- Ezequiel Hurtado (1825 - 1890): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1883 agus 1884.
- Diego Lemos: Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1908.
- Guillermo León Valencia (1909 - 1971): Ceann-suidhe na dùthcha.
Gailearaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Invias
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntais-shluaigh
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
- ↑ SisterCities
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal