Jump to content

Cona Mheall (Inbhir Làthail)

O Uicipeid
Cona Mheall (Inbhir Làthail)

Cona Mheall is Coire Grànnda
Àirde (m) 978
Àirde (tr) 3,208
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Cona Mheall (Inbhir Làthail) is located in Alba
Cona Mheall (Inbhir Làthail)
Cona Mheall (Inbhir Làthail) (Alba)
Suidheachadh Frìth Inbhir Làthail
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH27488166

'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air Ghàidhealtachd a th’ ann an Cona Mheall, cuideachd Cona' Mheall[1]. Tha e 978m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte an ear air an rathad A835 agus mu 18km an ear-dheas air Ulapul. Is coltach gu bheil an t-ainm a' tighinn bho con, ro-fhacal Ceilteach, a' ciallachadh còmhla ri agus am facal meall. Beanntan leis an ainm sin air tìr-mòr na h-Alba, tha iad mar as trice a' nochdadh mar phàirt de bheinn nas motha a tha faisg air làimh.[2].

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin. Dh'fhaodadh a ceangal le Beinn Dearg, Meall nan Ceapraichean agus Eididh nan Clach Geala.[3] Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loch Droma nas fhaide gu dheas air an rathad.[4]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.


Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ordnance Survey Landranger 20
  2. Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names Scottish Mountaineering Trust. d. 115.
  3. Cona Mheall air Walkhighlands
  4. Munromagic

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]