Jump to content

Frìth Fanaich

O Uicipeid
Frìth Fanaich le Sgùrr Mòr

'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Frìth Fanaich (Beurla: the Fannichs neo Fannich Forest). Tha e suidhichte eadar Loch Fanaich san ear-dheas agus Loch Bhraoin san iar-thuath. A rèir Dwelly tha am facal "fanaich" a' ciallachadh "àite rèidh" [1].

Tha i ainmeil air sgàth nam beann àrda aice le torr Beann Rothaich nam measg. Seo cuid dhiubh:

Oighreachd Fhanaich

[deasaich | deasaich an tùs]
Loidse Fanaich, aon de na taighean san oighreachd

Tha an oighreachd Fhanaich suidhichte faisg air bruach a tuath Loch Fanaich aig cois Meall Gorm. Gu eachdraidheil chaidh an oighreachd a chleachdadh airson sealg is caoraich. Bho thus bha e na phàirt den oighreachd Lochrosque and Strathbran a bha aig Sir Arthur Bignold aig deireadh an 19mh. Leis a' phròiseact Neart nan Gleann chaidh bun-structar nan rathaidean a leasachadh timcheall air an dama aig ceann an ear Loch Fanaich agus tha slighe air bruach tuath an locha a' dol bho Aultdearg chun na h-oighreachd a-nis.

Tha an oighreachd a' gabhail a-steach 3700 ha. Chaidh a reic gu teaghlach ann an 1976[2].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Faclair Gàidhlig air son nan sgoiltean le Edward Dwelly, 1902, td 411
  2. Eachdraidh oighreachd Fanaich[dead link] td 3 (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: