Sgùrr nan Each (Fanaich)
Sgùrr nan Each (Fanaich) | |
---|---|
Sgùrr nan Each agus Sgùrr nan Clach Geala bho Sgùrr Mòr | |
Àirde (m) | 923 |
Àirde (tr) | 3,028 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Fanaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH18476977 |
'S e beinn ann am Frìth Fanaich air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr nan Each. Tha e 923m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon lùib san rathad A832 faisg air Bràigh Mhòr. Dh'fhaodadh coiseachd tron ghleann iar den bheinn dhan bhealach agus an uair sin ga dhìreadh bhon iar agus a' leantainn an droma dhan mhullach. 'S e an dàrna mullach a ruigear am fìor mhullach. Dh'fhaodadh an uair sin dol air ais air an druim agus ga cheangal le Sgùrr nan Clach Geala agus Meall a' Chrasgaidh. Air neo dh'fhaodadh a' chuairt a dhèanamh an rathad eile [1]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air beanntan Frìth Fanaich, Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, agus Achadh na Seileach.