Meall Gorm
Meall Gorm | |
---|---|
Meall Gorm agus An Coileachan (fad air falbh) bho Sgùrr Mòr | |
Àirde (m) | 949 |
Àirde (tr) | 3,113 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Fanaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH22166960 |
'S e beinn ann am Frìth Fanaich air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Meall Gorm. Tha e 949m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e eadar an A835 agus Srath Bran, suidhichte san tuath air Loch Fanaich agus eadar Sgùrr Mòr agus An Coileachan. Tha Loch an Fhuar Thuill Mhòir na laighe ann an coire tuath air a' bheinn. Tha Loch an Eilein, Loch Odhar agus Loch Gorm ear air Meall Gorm.
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho thaobh an ear Loch a' Ghlais-Chàrnaich le bhith ga cheangal le Beinn Liath Mhòr Fanaich, Sgùrr Mòr agus An Coileachan.[1] Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loidse Fanaich.[2]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Frìth Fanaich, Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, agus Achadh na Seileach.
Tha Meall Gorm eile anns a' Chomraich.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Meall Gorm air Walkhighlands
- ↑ Ordnance Survey Landranger 20