Jump to content

Loch a' Ghlais-Chàrnaich

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°42′50″N 4°50′14″W / 57.713900°N 4.837200°W / 57.713900; -4.837200

Loch a' Ghlais-Chàrnaich

Bàrr uisge (m os cionn na mara) 255 m
Fad (m) 7.2 km
Suidheachadh
Loch a' Ghlais-Chàrnaich is located in Alba
Loch a' Ghlais-Chàrnaich
Loch a' Ghlais-Chàrnaich (Alba)
Suidheachadh a' Ghàidhealtachd
Comharradh-clèithe NH310728

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch a' Ghlais-Chàrnaich[1], (Beurla: Loch Glascarnoch). Tha e suidhichte faisg air Loch Droma air an rathad A835 gu Ulapul mu 14 km (22 mìle) san iar-thuath air Srath Pheofhair.

'S e farsaingeachd an locha 531.6 ha (1313.6 acair). 'S e 17.3 km (10.7 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 7.2 km am faid san àite as dìriche[2]. Tha bàrr uisge an locha mu 255 m (837 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 17.8 km (11.1 mìle) air falbh bhon mhuir. Chan eil eilean sam bith anns an loch seo.

Thèid an loch a lìonadh san iar bho Loch a' Gharbhrain tro Abhainn a' Gharbhrain. A bharrachd air sin tha torr alltan beaga eile ann a tha a' sruthadh do Loch a' Ghlais-Chàrnaich. A bharrachd air sin tha cuid lochan eile ann an iar-dheas às an tèid Loch a' Ghlais-Chàrnaich a lìonadh. Tha uisge a' tighinn bho Loch Sgeireach tro Allt an Loch Sgeirich agus an uair sin tro Abhainn an Torrain Duibh do Loch a' Ghlais-Chàrnaich. Tha Abhainn a' Ghiubhais Lì a' sruthadh cuideachd do dh'Abhainn an Torrain Duibh le uisge bho Loch an Fhuar Thuill Mhòir agus Loch Lì. Air a bharrachd tha uisge a' sruthadh a-mach à Loch Gorm gu Loch Odhar agus an uair sin tro Allt an Loch' Odhair do dh' Abhainn a' Ghiubhais Lì gus Loch a' Ghlais-Chàrnaich a lìonadh.

'S e loch-tasgaidh a th' ann a chaidh a chruthachadh ann an 1957 airson a' phròiseict Neart nan Gleann. Chaidh dama a thogail ann ceann an ear Gleann a' Ghlais-Chàrnaich. 'S e àird an dama 28m (92 troigh) agus tha e mu 510m (1673 troigh) air fad. [3] Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach tro thunail a tha mu 8 km air fad chun an stèisean-cumhachd Mossford Power Station. Gheibhear mu 18.6 megawatt, agus mu 121 millean kWh sa mheadhan gach bliadhna a-mach às an stèisean-cumhachd seo[4]. B' e sin aon de na damaichean a chaidh a thogail gus dealan-uisge a chruthachadh airson an Conon Hydro-Electric Power Scheme. An-diugh tha an sgeama a' gabhail a-steach sia damaichean agus seachd stèiseanan-cumhachd uisge[4].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag
  2. Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]
  3. Loch Glascarnoch (Beurla)
  4. 4.0 4.1 Neart nan Gleann[dead link] tdd 10-11

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: