Loch Droma
Co-chomharran: 57°43′53″N 4°55′18″W / 57.731500°N 4.921600°W
Loch Droma | |
---|---|
Loch Droma ann am Frìth Fanaich | |
Bàrr uisge (m os cionn na mara) | 274 |
Fad (m) | 1.600 |
Sruth a-steach | Allt Coireag a' Chaorrainn |
Às-sruth | Abhainn Droma |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Fanaich |
Comharradh-clèithe | NH261750 |
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Droma.[1] Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich faisg air an A835 a leanas gu Ulapul.
An loch
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an loch seo cho mòr ri 43.6 ha (107.7 acair). 'S e 4.7 km (2.9 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 1.6 km a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Tha cuid eileanan anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 274 m (899 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 12.8 km (8 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a' lìonadh le Allt Coireag a' Chaorrainn agus alltan beaga eile agus tha an t-uisge a' sruthadh às an loch seo tro Abhainn Droma chun an iar-thuath.
'S e loch-tasgaidh a th' ann a chaidh a chruthachadh ann an 1950an airson a' phròiseict Neart nan Gleann. Chaidh dama a thogail ann gus bàrr an uisge ag àrdachadh agus cleachdar an t-uisge seo gus Loch a' Ghlais-Chàrnaich a' lìonadh.[2] Bhon Loch a' Ghlais-Chàrnaich tha an t-uisge a' sruthadh tro thunail a tha mu 8 km air fad chun an stèisean-cumhachd Mossford Power Station. Gheibhear mu 18.6 megawatt, agus mu 121 millean kWh sa mheadhan gach bliadhna a-mach às an stèisean-cumhachd seo[2]. B' e sin aon de na damaichean a chaidh a thogail gus dealan-uisge a chruthachadh airson an Conon Hydro-Electric Power Scheme. An-diugh tha an sgeama a' gabhail a-steach sia damaichean agus seachd stèiseanan-cumhachd uisge[2]
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Eileanan ann an Loch Droma
-
An dama aig Loch Droma
-
Loch droma sa gheamhradh
-
An rathad A835 faisg air Loch Droma
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]
- ↑ 2.0 2.1 2.2 Neart nan Gleann[dead link] tdd 10-11
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Am Baile[dead link] (Gàidhlig)
- Gazetteer for Scotland (Beurla)