Beinn Dearg (Ulapul)
Coltas
| Beinn Dearg (Ulapul) | |
|---|---|
Beinn Dearg | |
| Àirde (m) | 1,084 |
| Àirde (tr) | 3,556 |
| air liosta | Beinn Rothaich |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Frìth Inbhir Làthail |
| Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
| Comharradh-clèithe | NH25948119 |
'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Dearg. Tha e 1,0843m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte san ear den rathad A835 agus mu 16km san ear-dheas air Ulapul.
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin. Dh'fhaodadh a ceangal le Cona Mheall, Meall nan Ceapraichean agus Eididh nan Clach Geala.[1] Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loch Droma nas fhaide deas air an rathad.[2]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.