Eididh nan Clach Geala
Coltas
Eididh nan Clach Geala | |
---|---|
Èididh nan Clach Geala | |
Àirde (m) | 927 |
Àirde (tr) | 3,041 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Inbhir Làthail |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH258842 |
'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air a' Ghàidhealtachd a th' ann an Eididh nan Clach Geala. Tha e 927m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte san ear den rathad A835 agus mu 14km san ear-dheas air Ulapul. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air a' chloich-ghràin a bheir dath geal air coltas na beinne. A rèir coltais tha eididh a' ciallachadh nead [1]. Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin. Dh'fhaodadh a ceangal le Cona Mheall, Meall nan Ceapraichean agus Beinn Dearg[2]. Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loch Droma nas fhaide deas air an rathad.[3] Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names. d. 76
- ↑ Eididh nan Clach Geala air Walkhighlands
- ↑ Beinn Dearg air Munromagic