Beinn Uais
Coltas
| Beinn Uais | |
|---|---|
| Àirde (m) | 1046 |
| air liosta | Beinn Rothaich |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Ros an Ear |
| Comharradh-clèithe | NH463684 |
'S e beinn ann an Ros an Ear a tha ann am Beinn Uais, no Beinn Stac (Beurla: Ben Wyvis). Tha i suidhichte mu 10km san iath-thuath air Inbhir Pheofharain agus faisg air Gairbh agus an A835 a dh'Ulapul. Tha i 1,046 m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada rèidh aice le 5 mullaichean uile gu lèir.
Mar as trice bithear a' tòiseachadh aig raon-chàraichean mòr Coimisean na Coilltearachd agus a' dìreadh Glas Leathad Mòr.[1]
