Frìth Inbhir Làthail
'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Frìth Inbhir Làthail (Beurla: Inverlael Forest). Tha e suidhichte air an rathad A835 eadar Ulapul is Gairbh, mu 6 mìle (9.6 km) deas air Ulapul. Tha Loch Bhraoin san iar oirre.
Chaidh an coille ann an Inbhir Làthail a phlanntachadh anns na 1930an[1]. An dèidh nan craobhan a leagail airson a' ciad turas, thòisicheadh air daraich, beithean, caorainn fhàs an seo gus bith-iomadachd na sgìre a leasachadh. Tha fèidh agus iolairean-buidhe a' fuireach ann an Frìth Inbhir Làthail.
Tha an sgìre math airson coiseachd air sgàth nam Beann Rothaich agus nan seallaidhean brèagha. Seo cuid de na beann:
- Beinn Dearg 1,084m
- Cona Mheall 978m
- Meall nan Ceapraichean 977m
- Eididh nan Clach Geala 927m
- Seana Bhràigh 926m
Ann an Lael Forest Garden a tha faisg air an A835 chithear craobhan cian-thìreach, tha an fheadhainn as sine as na 1870an. Aig an àm seo bha an oighreachd aig Sir John Fowler, prìomh innleadair (còmhla ri Sir Benjamin Baker) den drochaid Linn Giùdain[2].
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Coimisean na Coilltearachd, Alba
- ↑ Lael Forest Garden aig Coimisean na Coilltearachd, Alba
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH 182 852
- Frìth Inbhir Làthail aig Coimisean na Coilltearachd, Alba