Meall nan Ceapraichean

O Uicipeid
Meall nan Ceapraichean

Mullach Meall nan Ceapraichean
Àirde (m) 977
Àirde (tr) 3,205
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Meall nan Ceapraichean is located in Alba
Meall nan Ceapraichean
Meall nan Ceapraichean (Alba)
Suidheachadh Frìth Inbhir Làthail
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH25738257

'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Meall nan Ceapraichean. Tha e 977m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte an ear air an rathad A835 agus mu 16km an ear-dheas air Ulapul. Is coltach gu bheil an t-ainm a' toirt iomradh air pailteas de chnuic bheaga, ceap a' ciallachadh cnap.[1].

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin. Dh'fhaodadh a ceangal le Beinn Dearg, Cona Mheall agus Eididh nan Clach Geala.[2] Dh'fhaodadh cuideachd coiseachd bho Loch Droma nas fhaide gu dheas air an rathad.[3]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names Scottish Mountaineering Trust. d. 115.
  2. Beinn Dearg air Walkhighlands
  3. Beinn Dearg air Munromagic

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]