Seana Bhràigh
Coltas
Seana Bhràigh | |
---|---|
Seana Bhràigh | |
Àirde (m) | 926 |
Àirde (tr) | 3,038 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Inbhir Làthail |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 20 |
Comharradh-clèithe | NH28168786 |
'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air a' Ghàidhealtachd a th’ ann an Seana Bhràigh. Tha e 926m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte mu 12 km san ear den rathad A835 agus mu 13km san ear-dheas air Ulapul, san iar-thuath air Eididh nan Clach Geala agus Beinn Dearg.
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin agus cha bhithear ga cheangal le beinn eile, leis gu bheil e ann an suidheachadh cho iomallach gun toir e ùine fhada faighinn ann[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Beinn Dearg agus a nàbaidhean, An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.