Jump to content

Loch an Fhuar Thuill Mhòir

O Uicipeid
Sealladh air Loch an Fhuar Thuill Mhòir

Co-chomharran: 57°41′30″N 4°59′58″W / 57.691600°N 4.999500°W / 57.691600; -4.999500

Suidheachadh
Suidheachadh
Loch an Fhuar Thuill Mhòir
Suidheachadh Loch an Fhuar Thuill Mhòir ann am Frìth Fanaich

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch an Fhuar Thuill Mhòir no uaireannan Loch an Fhuar Thuill Mhòr.[1] Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich. Tha Beinn Liath Mhòr Fanaich (‎954m) agus Sgùrr Mòr‎ (1,110m) tuath air agus Meall Gorm (949m) deas air an loch seo.

Tha coltas Loch an Fhuar Thuill Mhòir mar dà loch le cumhang eatarra. Tha an loch as motha cho mòr ri 4.1 ha (10.1 acair). 'S e 1.1 km (0.7 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 370 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 692 m (2270 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 14.4 km (8.9 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch seo a lìonadh bhon tuath tro alltan a tha a' sruthadh sìos Sgùrr Mòr. San ear tha loch beag ann a tha cho mòr ri 0.2 ha (0.5 acair). 'S e 0.2 km (0.1 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 83 m a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 688 m (2257 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 14.4 km (9 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach as an loch seo chun an ear tro Steall an Fhuar Thuill Mhòir gu Loch Lì. Bhon an seo tha an t-uisge a' ruith chun an ear tro Abhainn a' Ghiubhais Lì agus an uair sin gu tuath tro Abhainn an Torrain Duibh do Loch a' Ghlais-Chàrnaich.

Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch an Fhuar Thuill Mhòir agus mar sin chan rathaidean ann a leanas chun an locha seo.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes
  2. Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH213708