Jump to content

Bucaramanga

O Uicipeid
Bucaramanga
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Santander
Sgìre Cordillera Oriental
Àirde 959m
Co-chomharran 06° 11' 16' Tuath
67° 28' 23' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 117 km²
Àireamh-shluaigh 516,512 (2005)
Dlùths 4,414.63/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bhucaramanga

‘S e prìomh-bhaile na roinne Santander, ann an Coloimbia, a th’ann am Bucaramanga ( bu.ka.ɾa.maŋ.ga).[1] Tha e suidhichte faisg air Barrancabermeja, aig 959m os cionn ìre na mara agus 379km air falbh bho Bhogotá.[2] agus tha teodhachd meadhan dhe 26° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1622 anns an sgìre ris an canar Sliabh an Ear (Spàinntis: La Cordillera Oriental) anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan agus ‘s e am baile le ìre cion-cosnaidh nas lugha na dùthcha. Tha cunntas-sluaigh dhe 516,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[3] 'S e Bucaramanga an 8mh baile as motha na dùthcha[4] agus an 89mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[5]

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil e cinnteach dìreach dè tha an t-ainm Bucaramanga a' ciallachadh, ach 's dòcha gur e àros boidheach bho bucar (uasal) agus manga (taigh) ann an cànan nan Chitaro, tuath Tùsanach a bha na tàmh an seo nuair a ràinig na Spàinntich.[6] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Wak'armanqha an seann ainm a bh'air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh àite domhainn coisrisgte[7] ann an cànan Tùsanach.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 516,512 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,296 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Bucaramanga. A bharrachd air sin, ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.2%, agus tha 2.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 95.3% dhe na daoine ann an Bucaramanga leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 87.8% dhe na dachannan.[9]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Bucaramanga. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Encyclopedia Britannica[dead link]
  2. Invias
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Bailtean as motha na dùthcha
  5. Mongabay
  6. Freewebs
  7. Organización de Estados Iberamericanos
  8. Colombia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia
  11. Vanguardia Liberal[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann am Bucaramanga