Aimearaga-Laideannach

O Uicipeid
Aimearaga Laideannach

Tha Aimearaga-Laideannach (América Latina) a' ciallachadh na àiteachan sna h-Aimearagan far a bheil Spàinntis neo Portagailis gam bruidhinn. Gu cumanta, tha na dùthchanan seo ann an Aimearaga a Deas, agus Aimearaga Mheadhanach, bho ceann-a-tuath Meagsago gu Patagonia.

Dùthchannan ann an Aimearaga-Laideannach[deasaich | deasaich an tùs]

Chan e roinn cruinne-eòlaisail a th'ann an Aimearaga-Laideannach, ach sgìrean cultarail-poiliteagach. Le sin, tha e air sgaoileadh tro Aimearaga a Deas, Aimearaga Mheadhanach, Aimearaga a Tuath agus air feadh na Mara Chairibianach. A bharrachd air sin, bha spàinntis ga bhruidhinn ann an cuid dhe na stàitean ann an àird an iar agus mu dheas anns na Stàitean Aonaichte gu ruige an 19mh linn.