Barrancabermeja

O Uicipeid
Barrancabermeja
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Santander
Àirde 75m
Co-chomharran 07º 04' 03' Tuath
73º 50' 50' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,154 km²
Àireamh-shluaigh 190,058 (2005)
Dlùths 164.69/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile mòr agus port na h-aibhne cudromach faisg air Girón ann an Santander,[1] Coloimbia,[2]   a th' ann am Barrancabermeja.  Tha e suidhichte 136km air falbh bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne, 75m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 29˚ thar cheann fad na bliadhna.[3] Cha deach am baile a stèidheachadh ach ann an 1922 ged a bha taigh neo dhà ann fiù' s ann an 1536. Tha e ainmeil air feadh na dùthcha air sàilleabh gu bheil gnothach na h-ola ann an Coloimbia stèidhichte an seo.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann am Barrancabermeja. ‘S ann à dà fhacal ‘s a tha e: barranca (mòr-ghil) agus bermejo (ruadh).[4] Bheireadh sin A’ Mhòr-ghil Ruadh dhuinn sa Ghàidhlig.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha  170,810 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach  19,248 a' fuireach a-muigh anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Barrancabermeja (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% agus tha 16.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga.  ' S urrainn dhan 91.8% dhe na daoine ann an Barrancabermeja leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 55.2% dhe na dachannan.[7]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Barrancabermeja. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chunnaic daoine às an Roinn Eòrpa am baile, air an robh Latora neo Latocca, airson a' chiad turais air 12 an Dàmhair 1536. Chleachdadh na Spàinntich an t-àite seo airson tursan sgrùdaidh a dheànamh suas an abhainn.[9] Ged a bha daoine a' fuireach ann fad nan linntean, 's e dìreach ann an 1922, aig toiseach toisichidh gnothach an Ola, nuair a dh'fhàs am baile na bh mhotha. Chan e rud gun trioblaid a bh' ann idir. Nuair a bha José Eustasio Rivera an lùib Comisean Sgrùdaidh nan Dùthchannan Cèin agus nan Colonaidhean ann an 1935 dh’fhoillsich e sreath dhe artigilean ann an Nuevo Tiempo de Bogotá, air an robh "Falsos postulados nacionales" (Gàidhlig: Beachd-bharailean-brèige Nàiseanta), anns an do dh’ fhàg e air iomadh daoine, an ceann-suidhe Pedro Nel Ospina Vásquez agus an t-seann mhinistear Esteban Jaramillo, nam measg, gu robh iad ri foill agus coirbeachd, a thaobh cùmhnantan na pìoba a bheireadh ola eadar Cartagena de Indias agus Barrancabermeja.[10]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Riaghaltas na Roinne: Bailtean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Climate Data
  4. Real Academia de la Lengua
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia
  9. Colombia Turismo
  10. *Beale-Silva, Eduardo. Horizonte humano: vida de José Eustasio Rivera. Colección Tierra firme. Edición 2. Editorial Fondo de Cultura Económica, 1986. ISBN 968162095X, 9789681620950

 

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Barrancabermeja

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: